-
Ràinig 3.5.1
Seo dhuibh, a chàirdean tionndadh 3.5.1 a tha a’ tighinn an àite 3.4. Tha sinn cola-deug air dheireadh leis ach ’s e Microbost a tha coireach às agus na dòighean neònach a chleachdas WordPress gus pacaid ùr a dhèanamh. Cha tachair sin leis fhèin, tha agad ri tags a chruthachadh agus, ò, chan eil fhios
-
Agus breith!
Laigh an iolaire, rug an cat an cuilean – tha sgaoileadh againn, WordPress 3.3 sa Ghàidhlig. Nise, tha mi dol a sgaoileadh an fhacail agus bheir mi mo leabaidh orm an uairsin. Gus an ath-thuras, oidhche mhath leibh agus an dòchas gun gabh sibh tlachd ann!
-
Mòr-thorrachd
Tha sgaoileadh an tionndaidh ùr, 3.3, a’ tighinn dlùth agus tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gum bi ann tionndadh Gàidhlig deiseil airson an latha ud, preusant na Nollaig dhuibh. Leis a sin, chan eil tuilleadh ’s cus tìde againn post mòr a sgrìobhadh an-seo an-dràsta fhèin 🙂