Fàilte ort, a bhlogaicheir chòir!
Tha sinn an dòchas gun gabh sibh tlachd mòr san tionndadh Gàidhlig de WordPress.org agus tha sinn daonnan toilichte cluinntinn uaibh, ge be moladh no càineadh a tha ann!
’S WordPress.org an tionndadh de WordPress a stàlaicheas sibh air an fhrithealaiche agaibh fhèin. Tha am fear eile, WordPress.com, (sin an tionndadh airson daoine a tha dìreach ag iarraidh bloga) ri làimh ann an Gàidhlig cuideachd. Ge-tà, ’s e faidhle ana-mhòr a tha ann agus tha pìosan dheth ann am Beurla fhathast. Ach glacaidh foighidinn iasg – nì sinn a’ chùis air latha brèagha air choireigin!