Faigh greim air!

Seo dhut an làrach far a bheil an tionndadh Gàidhlig de WordPress.org ’ga sgaoileadh!

Rinn sinn ar dìcheall leis an eadar-theangachadh ach cinnteach gum bi mearachdan beaga neònach ann fhathast. Ma thachras sibh air gin, nach innis sibh duinn air Fòram na Gàidhlig?

Tha mòran fiosrachaidh mu stàladh WordPress air a’ phrìomh-làrach aca. Ma tha duilgheadas teicnigeach agaibh leis an stàladh, saoil am feuch sibh an làrach ’s na goireasan ud an toiseach? Chan e sgioba mhòr a tha annainn agus chan urrainn dhuinn uiread a thaic theicnigeach a thoirt seachad a gheibh sibh o na sàr-eòlaichean air an làrach ud.

Ach ma tha duilgheadas agaibh a tha gu sònraichte co-cheangailte ris an tionndadh Ghàidhlig, faodaidh sibh fios a leigeil dhuinn gun teagamh sam bith. ’S e Fòram na Gàidhlig an t-àite as fhearr airson sin a dhèanamh, tha earrann shònraichte ann airson bathar-bog na Gàidhlig.

Airson fiosrachadh san fharsaingeachd mu theicneolas is prògraman Gàidhlig, mholamaid iGàidhlig dhuibh.