Ràinig 3.5.1

Seo dhuibh, a chàirdean tionndadh 3.5.1 a tha a’ tighinn an àite 3.4. Tha sinn cola-deug air dheireadh leis ach ’s e Microbost a tha coireach às agus na dòighean neònach a chleachdas WordPress gus pacaid ùr a dhèanamh. Cha tachair sin leis fhèin, tha agad ri tags a chruthachadh agus, ò, chan eil fhios a’m dè – bidh mise feumach air taic o rianaire mar is trice ’s bha am fear a chuidicheas mi caran trang.

Co-dhiù no co-dheth, tha e deiseil a-nis agus tha mi an dòchas gun còrd e ribh. Ma tha dad neònach ann, tha fhios agaibh far am faigh sibh greim orm!

Tha 3.4 ri fhaighinn a-nis!

Agus seo dhuibh e. Duilich gu bheil mi car fadalach leis, tha fhios agam gun dàinig e a-mach mu sheachdain air ais ach tha cus a’ dol an-dràsta fhèin. An dòchas gun còrd e ribh.

Mar a thuirt mi roimhe (ma thuirt mi e roimhe, chan eil mi buileach cinnteach), tha mi a’ cur fàilte air beachd sam bith mun eadar-theangachadh. Tha fios nach eil a leithid seo de rud furasta ann an cànan mar a’ Ghàidhlig. Tha fios gu bheil a’ Ghàidhlig glè chomasach air cainnt theicnigeach o shean ach tha beàrn car mòr eadar togail nam bàta fiodha agus an Lìon 2.0 … rinn mi mo dhìcheall agus tha mi pròiseil às ach tha fios gu bheil rudan ann a dh’fhaodadh a bhith dìreach beagan nas fhearr fhathast!