Cha naidheachd corra air cladach

Àidh… chan eil naidheachd mhòr agam dhuibh. Tha mi a’ dèanamh cinnteach nach bi sinn air dheireadh nuair a ghluaiseas sinn gu WordPress 3.4 uaireigin agus chuir mi barrachd bhlogaichean ris a’ showcase (eadar dà sgeul, ma tha deagh bheachd aig duine sam bith airson deagh eadar-theangachadh de showcase, bhithinn fada ’nur comain) – tha mu fhichead againn a-nis. Tha gu h-àraidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis trang, cha mhòr leth-dhusan làraichean aca!

Ceart ma-tà, cumaibh oirbh leis a’ bhlogaireachd!

Fàg freagairt