WordPress.org

WordPress.org ann an Gàidhlig

The Scottish Gaelic translation of WordPress is inactive

Download the English version instead.

If you’re interested in translating WordPress to Scottish Gaelic, join the Polyglots team and find out how.

Fàilte dhan dùthaich!

Fàilte ort, a bhlogaicheir chòir!

Tha sinn an dòchas gun gabh sibh tlachd mòr san tionndadh Gàidhlig de WordPress.org agus tha sinn daonnan toilichte cluinntinn uaibh, ge be moladh no càineadh a tha ann!

’S WordPress.org an tionndadh de WordPress a stàlaicheas sibh air an fhrithealaiche agaibh fhèin. Tha am fear eile, WordPress.com, (sin an tionndadh airson daoine a tha dìreach ag iarraidh bloga) ri làimh ann an Gàidhlig cuideachd. Ge-tà, ’s e faidhle ana-mhòr a tha ann agus tha pìosan dheth ann am Beurla fhathast. Ach glacaidh foighidinn iasg – nì sinn a’ chùis air latha brèagha air choireigin!

Showcase

Bloga

4.0 agus làrach-taice ùr

Tha tionndadh ùr de WordPress ri fhaighinn, 4.0. Uel, ag innse na fìrinn, on a sgaoil sinn a’ phacaid Ghàidhlig mu dheireadh air a shon (3.5.1) bha tionndaidhean eile dheth air tighinn a-mach ach cha robh tìde gu leòr againn a’ phacaid cànain ùrachadh, obair car toinnte a tha ann. Ach rinn sinn a’ chùis […]

Ràinig 3.5.1

Seo dhuibh, a chàirdean tionndadh 3.5.1 a tha a’ tighinn an àite 3.4. Tha sinn cola-deug air dheireadh leis ach ‘s e Microbost a tha coireach às agus na dòighean neònach a chleachdas WordPress gus pacaid ùr a dhèanamh. Cha tachair sin leis fhèin, tha agad ri tags a chruthachadh agus, ò, chan eil fhios […]

Tha 3.4 ri fhaighinn a-nis!

Agus seo dhuibh e. Duilich gu bheil mi car fadalach leis, tha fhios agam gun dàinig e a-mach mu sheachdain air ais ach tha cus a’ dol an-dràsta fhèin. An dòchas gun còrd e ribh. Mar a thuirt mi roimhe (ma thuirt mi e roimhe, chan eil mi buileach cinnteach), tha mi a’ cur fàilte […]

Cha naidheachd corra air cladach

Àidh… chan eil naidheachd mhòr agam dhuibh. Tha mi a’ dèanamh cinnteach nach bi sinn air dheireadh nuair a ghluaiseas sinn gu WordPress 3.4 uaireigin agus chuir mi barrachd bhlogaichean ris a’ showcase (eadar dà sgeul, ma tha deagh bheachd aig duine sam bith airson deagh eadar-theangachadh de showcase, bhithinn fada ‘nur comain) – tha […]

Agus breith!

Laigh an iolaire, rug an cat an cuilean – tha sgaoileadh againn, WordPress 3.3 sa Ghàidhlig. Nise, tha mi dol a sgaoileadh an fhacail agus bheir mi mo leabaidh orm an uairsin. Gus an ath-thuras, oidhche mhath leibh agus an dòchas gun gabh sibh tlachd ann!